English | Gàidhlig

Meamhrachan-còrdaidh

Anns an Dàmhair 2002, chuir Mór-roinn na h-Albann Nuaidh is Comhairle na Gàidhealtachd ann an Albainn làmh ri Meamhrachan-còrdaidh a bhios a' toirt cunntas air raointean de dh' ùidh chumanta agus de cho-obrachadh gus cànain is cultar nan Gàidheal a neartachadh air dà thaobh a' chuain. Ghabh ri Roinn na Turasachd is a' Chultair a' làmh-stiùiridh ann an Albainn Nuaidh gus a bhith cinnteach gu bheil gnìomhan air an tionnsgnadh fo chumhachan a’ Mheamhrachain.

Tha am Meamhrachan a’ cur an céill gu bheil na buill a tha air an ainmeachadh ann "ag aithneachadh a’ cheangail shònraichte a tha eadar sgìrean le Gàidhlig air a’ Ghàidhealtachd ann an Alba agus ann an Albainn Nuaidh a thaobh na leanas : cànain; dualchas; ceanglaichean theaghlaich; agus imrich." ‘S e rùn a’ Mheamhrachain seo cumhachan a chur air dòigh fo ’n sgèith ’s gum faod cothroman leasachaidh chultarail is eaconomaich a stéidheachadh troimh mheadhon na turasachd agus ghnìomhan cultarail a bhios " a’ cur ris na linntean a dh’ fhalbh gus am bi an t-àm ri teachd seasmhach agus beòthail".

Tha an còrdadh ag amas air trì raointean: leasachadh cultarail, fòghlam, agus turasachd. Faodaidh na h-iomlaidean agus na h-iomairtean seo gnothaichean ’s na roinntean poblach is prìobhaideach a ghabhail a-steach, a bharrachd air buidhnean is comainn shaor-thoileach stéidhichte ’s a’ choimhearsnachd.

A’ leantainn air a’ chiad choinneamhan le riochdairean Comhairle na Gàidhealtachd, chaidh àireamh bheag de phròiseactan a dhearbh-aithneachadh a bhuineas dhan a leanas : fiosrachadh fòghlaim, goireasan co-thaiceil, iomlaid chultarail, is eadar-cheanglaichean. Mar eisimpleir, thathar an dùil gun tig oileanaich bho Sgoil-Chiùil na Gàidhealtachd do dh’ Albainn Nuaidh ’s t-fhoghar bho ’n Phloc gus pàirt a ghabhail ann a’ Féis nan Dathan Ceilteach. Cuideachd, bidh an duilleag-lìn seo air làraich-lìn Oifis Iomairtean na Gàidhlig mar dhorus a-steach do dh’ fhiosrachadh air na gnothaichean sin.

Meamhrachan-còrdaidh Eadar Riaghaltas na h-Albann Nuaidhe agus Comhairle na Gàidhealtachd, Alba.
Faicibh CSS (Cruth Sgrìobhainn So-ghiùlain)

Uaigneas | Beachdan