Oifis Iomairtean na Gàidhlig
Fàilte oirbh do Ghàidhlig na h-Albann Nuaidh
Éisdibh ris an duilleig seo
’Se cànain Cheilteach a th’ anns a’ Ghàidhlig. ’Se an Ghaeilge (Gàidhlig na h-Éireann), a’ Ghàidhlig Mhanainn agus a’ Ghàidhlig ’nan seòrsaichean diofraichte a tha air am bruidhinn an diugh. Mar sin, tha na trì seo ’nan geug Ghoideilic no Ghàidhlig nan cànainean Ceilteach.
Thàinig a’ Ghàidhlig a tha air bruidhinn ann an Albainn Nuaidh leis na ciad eilthirich ás Eileannan agus Gàidhealtachd na h-Albann, a’ tòiseachadh leis a’ chiad grunn a shuidhich ’sa bhliadhna 1773.
Mar sin, tha sinn air a bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig anns a’ mhór-roinn seo fad còrr is 230 bliadhna.
Is urram do dh’Oifis Iomairtean na Gàidhlig a bhith a’ toirt cuideachaidh gus a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh agus a leasachadh ’sna coimhearsnachdan againn.
’Se dòchas na h-Oifis gum bi an làrach-lìn seo ’na goireas cuideachdail do choimhearsnachd na Gàidhlig ann an Albainn Nuaidh agus dhan fheadhainn a tha an dùil ri faighinn fios a bharrachd air ciamar a dh’ fhaodas ’ad pàirt a ghabhail ann an gnìomhan-oideachais cànain agus cultar nan Gàidheal a tha làn togail ’s a tha ’tachairt air feadh na mór-roinn.
Aithisg na Cunntachalachd A’ toirt iomraidh air a’ Bhliadhna Ionmhasail