Fiosrachadh Gàidhlig
Éisd ris an duilleig seo ’s cluinnear fuaimneachadh nam faclan Gàidhlig
Sloinnidhean Gàidhlig
Gu h-eachdraidheil, cha robh sloinnidhean Gàidhlig air an cleachdadh leis an aon tuigse 's a th’ aig luchd na Beurla, gu cumanta co dhiù, anns a’ Ghàidhlig choitcheann, ach nuair a bhruidhneadh air coigrich.
Bha ainm dùthchail aig a h-uile duine a bha ’fuireachd ann a’ sgìre far an robh a’ Ghàidhlig ’ga bruidhinn, a bheireadh cunntas air a’ cheaird a bh’ aige/aice no air rud sam bith sònraichte a thaobh cuirp no comais : m.e. Calum Mór, an sgeulaiche.
Uaireannan, chaidh daoine ‘ainmeachadh dhan àite ’s an robh iad a’ fuireachd mu dheireadh, no dhan àite ’s an d’ rugadh iad : m.e. Eòs Siùdaig
Nan d’ thàinig cuideigin á teaghlach a bha air a shuidheachadh ùine ann a’ sgìre, ‘s dòcha gun rachadh (a h-) ainmeachadh dha (h-) athair agus dha s(h)eanair : m.e. Seumas MacAonghais ’ic Iain ’ic Uilleim ’ic Mhurchaidh no Oighrig nighean Shandaidh Choinnich.
Nuair a phòsadh boireannach a bhuineadh dhan choimhearsnachd duine bho ’n taobh a-muigh, dh’ fhaodadh mac dhaibh a bhith air ’ainmeachadh ás a déidh : m.e. Dòmhnall Ciorstain.
‘S e an t-aobhar a bh’ aig sloinnidhean Gàidhlig fios a bhith aig a h-uile duine a chluinneadh an sloinneadh air co ás a bha am fear no an tè aig an robh e, no co dhà a bhuineadh e/i.
Thoir an aire gur e Dòmhnall Mac (a' Gh)ille Dhuibh a chuireas sinn air an ainm ‘Donald Black’ ’s a’ Ghàidhlig. Ma chanas duine Dòmhnall Dubh, a’ ciallachadh gur e duine air a bheil falt dubh a th’ann an Dòmhnall, faodaidh an t-ainm seo ar cur air seachran ma bhios dithisd—can Dòmhnall Camshroin agus Dòmhnall Mac a’ Ghobhainn---air a bheil falt dubh!
Gus am bi e nas fhasa cuideigin air a bheil an t-ainm Dòmhnall Dubh a dhearbh-aithneachadh, bidh a’ Ghàidhlig a’ déiligeadh le seo leis a bhith a’ dèanamh ceangail ri ‘athair agus/no ri a sheanair, m.e. Dòmhnall Iain Ghilleasbuig.
Chaidh na sloinnidhean a leanas a chruinneachadh ann an Albainn le Ìomhair Dwelly, sgoilear na Gàidhlig ainmeil air feadh an t-saoghail, bho bhunachas ri fhaighinn eadar 1880 agus 1811.
Gheobhar a’ mhór-chuid dhe na sloinnidhean seo—agus ‘s dòcha na sloinnidhean seo uile—ann an Albainn Nuaidh air an luchd-àiteachaidh a thàinig bho Ghàidhealtachd agus Eileanan Siar na h-Albann.
Chaidh notaichean a chur ri feadhainn dhe na sloinnidhean gus beagan de mhìneachadh a dhèanamh air co ás a thàinig iad.
Chan eil notaichean ann dhan fheadhainn nas fhollaisich , leithid Mac/NicMhìcheil.
Tha na h-ainmean gu h-ìosal, le glé bheag de dh’atharrachadh, dìreach mar a tha iad aig Dwelly ‘na fhaclair, Faclair Gàidhlig gu Beurla Le Dealbhan; agus mar a sgrìobh e-fhéin, tha iad “ ‘nan oidhirp gus cruinneachadh de shloinnidhean Gàidhlig a chur ann a’ liosta a-rèir na h-aibidil bho phaipearan-naidheachd, irisean, leabhraichean, is eile” aig an àm.
Éisd ri fuaimneachadh nan sloinnidhean
*dh'fhaodte cinneadh Frangach no dùthaich-ìosal a thàinig a-staigh troimh mhalairt agus ghìomhachas-coinnichidh na bu tràithe 's na meadhan aoisean.
Bidh Dwelly a’ cur a’ litreachaidh “Mac” gu feum; chìthear e cuideachd air a litreachadh mar seo : “Mc”. Tha an dà dhòigh a’ ciallachadh “son (of)”.
Anns a’ Ghàidhlig, feumar “mac” a thionndadh gu “nic” nuair a bhios ainm a bhuineas do bhoireannach ga ‘iarraidh, i.e. NicDhòmhnuill, mar le Catrìona NicDhòmhnuill.
Cuideachd, bidh sloinnidhean nach eil a’ tòiseachadh le “mac” a’ toirt fianais gu bheil iad boireannta le ‘h’ ás déidh a h-uile chiad chonnraig ach ‘l, n, r’. Mar seo, Mairead Pheatan.
Ainmean-àite Gàidhlig ann an Albainn Nuaidh
Anmoch ´s na 1700an, thug na Gàidheil an cànain is an dualchas leotha gu Albainn Nuaidh. Rinn iad dachaidhean is ´s e ainmean Gàidhlig a chuir iad air na coimhearsnachdan aca. Ann an 2006, chuir Roinn na Còmhdhala is Ùrachadh an Fhreumhachais poileasaidh air bhonn a´ leigeil le ceàrnaidhean far a´ robh a´ Ghàidhlig bho shean comharraidhean-rathaide dhà chànanach, Beurla is Gàidhlig a chur suas.
Faodaidh ainmean air comharraidhean-rathaide dà-chànanach dùbhlain leughaidh a thoirt do fheadhainn aig a bheil ach beagan fhios air a´ Ghàidhlig. Tha ionnsachadh na dòigh-labhairt móran nas fhasa ma ´s urrainn dhuibh neach-labhairt na Gàidhlig aig a bheil i gu nàdarra a chluinntinn.
A-nist, faodaidh sibh éisteachd ri fuaimnean nan ainmean-àite Gàidhlig uile ´s a´ bhileig seo a´ seo. Brùthaibh air an ainm-àite gus an dòigh-labhairt a th' air a chluinntinn. Tha a´ chairt-iùil air a toirt a-staigh a shealltainn nan roinntean far a bheil na h-àiteachan seo ri fhaighinn.
PICTOU COUNTY - SIORRAMACHD PHIOGTO
- Abercrombie Abar Chrombail
- Anderson Mountain Beinn ´ic Gille Anndra
- Ardness Àrd Nis
- Avondale Station Stéisean Abhainn Dail
- Bailey´s Brook Allt A´ Bhàilidh
- Barney´s River Abhainn Bhàrnaidh
- Bayview Bàgh An t-Seallaidh
- Big Island An t-Eilean Mór
- Black Glen An Gleann Dubh
- Black River An Abhainn Dubh
- Blue Mountain A´ Bheinn Ghorm
- Braeshore Bràigh A´ Chladaich
- Brown´s Point Rudha A´ Bhrùnaich
- Caribou River Abhainn Charibou
- Coalburn Allt A´ Ghuail
- Dunrobin Dùn-Robain
- East River An Abhainn Mhór
- Foxbrook Allt A´ Mhadaidh Ruaidh
- Frasers´ Mountain Beinn Nam Frisealach
- French River Abhainn An Fhrangaich
- Gairloch Geàrr-loch
- Garden of Eden Gàradh Edein
- Glencoe Gleann Comhann
- Glengarry Gleanna Gàradh
- Glen Elk Gleann Eilg
- Greenhill An Cnoc Gorm
- John Duncan´s Mountain Beinn Iain Dhonnchaidh
- Karegare Ceathramh Geàrr
- Kenzieville Baile ´ic Choinnich
- Knoydart Cnòideart
- Lismore Lios Mór
- Little Harbour An Acarsaid Bheag
- Lochbroom Loch Bhraoin
- Loch Brora Loch Brùra
- Lorne Lathurna
- Lovat A´ Mhorfhaich
- Lyons Brook Allt An Leòmhainn
- MacPhersons Mills Muileann ´ic A´ Phearsain
- Meadowville Baile Na h-Innse
- Meadowsprings Innis Nam Fuaran
- Millbrook Allt A´ Mhuilinn
- Millsville Baile A´ Mhuilinn
- Mount Thom Beinn Thòmais
- Mount William Beinn Uilleim
- New Gairloch Geàrr-loch Ùr
- New Glasgow Glaschu Ùr
- New Lairg Luirg Ùr
- Pictou Island Eilean Phiogto
- Pictou Landing Àite An Luchd-Àiteachaidh
- Poplar Hill Cnoc A´ Chrithinn
- Riverton Bràigh Na h-Aibhneadh
- River John Abhainn Eòin
- Rocklin A´ Chreag
- Rockfield (Achencairn) Achadh A´ Chùirn
- Saltsprings Fuarain Saillteach
- Scotsburn Beinn Nam Mathanach
- Scotch Hill Cnoc Nan Albannach
- Stellarton Méinnean Na h-Albann
- Sunnybrae Am Bràighe Grianach
- Sutherland´s River Abhainn An t-Sùtharlanaich
- The Craig A´ Chreag
- The Crooked Bridge An Drochaid Cham
- The Gusset A´ Ghuiseid
- The Mill Brook Allt A´ Mhuilinn
- Thorburn An Srath
- Town of Pictou Baile Phiogto
- Trenton Baile Na Stàilinn
- Waterside Oir Na Mara
- Westville Baile An Iar
- Well of the Ghosts Tobar Nam Bòcan
- Addington Forks Na Forcaichean
- Antigonish (Town) Am Baile Mór
- Antigonish Harbour Acarsaid Antaiginis
- Arisaig Àrasaig
- Ashdale Loch A´ Ghaspereaux
- Bayfield An Abhainn Bheag
- Beaver Meadow Lòn A´ Dòbhrain Duinn
- Beaver Mountain Beinn A´ Bhìobhair
- Beech Hill Cnoc A´ Bhidse
- Beauly A´ Mhanachainn
- Big Marsh A´ Mhaise Mhór
- Black Avon An Abhainn Dubh
- Brierly Brook Allt A´ Bhraoidhearlaidh
- Cape George Ceap Sheòrais
- Caledonia Mills An Daigear
- Clydesdale Dail A´ Chluaidh
- Copper Lake Loch A´ Chopair
- Croft Croit
- Dagger Woods Coille An Daigeir
- Doctor´s Brook Allt An Doctair
- Dunmore An t-Allt Mór
- Fraser´s Grant Grannd Nam Frisealach
- Fraser´s Mills Muileann An Fhrisealaich
- Georgeville Baile Sheòrais
- Glen Alpine Gleann Ailpein
- Glen Bard Gleann A´ Bhàird
- Glen Road Rathad A´ Ghlinne
- Glenroy Gleann Ruaidh
- Heatherton Baile An Fhraoich
- James River Abhainn Sheumais
- Lakevale Gleann An Locha
- Lanark Lannraig
- Lochaber Loch Abar
- Loch Katrine Am Bràigh Àrd
- Lower South River Bun Na h-Aibhne Deas
- Maryvale Allt A´ Mheiligein
- Meadow Green A´ Mhaise Uaine
- McArras Brook Allt ´ic Àra
- Morar Mòrar
- Morristown Baile Mhoirein
- North Grant Baile Nan Granndach
- Pleasant Valley Gleann Uige
- St. Andrew´s Cill Rìmhinn
- St. Joseph An Loch Mór
- Saltsprings An Tobar Shalainn
- South River Abhainn-a-Deas
- The Keppoch A´ Cheapach
- Upper South River Bràigh Na h-Aibhne Deas
- West River An Abhainn An Iar
- William´s Point Rubha Uilleim
- Aulds Cove (formerly Porcupine Cove) Camus An Tuirc-nimhe
- Bay of Canso Bàgh Chanso
- Caledonia Cailleann
- Cameron Settlement Tuineachadh nan Camshronach
- Canso Baile Chanso
- Eight Island Lake Loch nan Ochd Innsean
- Erinville Baile nan Éireannach
- Gaint´s Lake Loch An Fhamhair
- Glenelg (The Forks) Gleann Eilg (Na Forcaichean)
- Goshen Goisein
- Guysborough (Town) Baile Mhainisdear
- Lower Caledonia Bun A´ Chaillein
- New Town Am Baile Ùr
- "The bridge of the little old woman" Drochaid Na Cailleachaig
- Roman Valley Gleann Na´ Ròmanach
- Aberdeen Abaireadhain
- Ainslie Glen (literally the "Glen of the Frogs") Gleann Nam Màgan
- Blues Mills (literally "The Blues' Mills") Muilnean Clann ´ic Ghilleghuirme
- Brook Village – village of the little river Baile Beag Na h-Aibhne
- Chimney Corner Cùil An t-Simileir
- Colindale (literally "Little Mabou") Màbu Bheag
- Creignish Creiginnis
- Craigmore A´ Chreag Mhór
- Dunvegan Dùn-bheagan
- Glencoe Gleann Comhainn
- Glendale Bràigh Na h-Aibhneadh
- Glendale Gleann Dail
- Glenville An Gleann Dubh
- Harbour View Sealladh A´ Chalaidh
- Inverness (literally "the Fairy Hill") An Sìthean
- Iron Mines (literally "the Fairy Knoll") Cnoc An t-Sìthein
- Judique called Big Judique Siudaig Mhór
- Kingsville Baile An Rìgh
- Kingsville Bràigh Na h-Aibhneadh
- Lake Ainslie Loch Ainslidh
- Little Judique Siudaig Bheag
- Long Point An Rubha Fada
- Margaree Forks Bruach Na h-Aibhne
- Margaree Harbour Acarsaid Mhargaraidh
- Melford Crìochan Bràigh Na h-Aibhne
- New Town Am Baile Ùr
- Port Hastings was first known as Plaster Cove to settlers Còbh A´ Phleasdair
- Port Hood was originally named for Captain Chestico Seastago
- Queensville is known as ´The Ridge´ An Rids
- Riverville An Abhainn Dubh
- Scotsville Bun Na h-Aibhne
- Skye Glen Gleann Nan Sgìtheanach
- Strathlorne Srath Lathurna
- St. Rose Na Ponaichean
- S W Mabou Màbu An Iar-dheas
- S W Margaree Bràigh Na h-Aibhne
- "The Bridge" at Mabou (literally 'the Bridge') An Drochaid
- Trout River Abhainn Nam Breac
- West Mabou Màbu An Iar
- Whycocomagh Hogoma
- Baddeck Badaig
- Barra Glen An Gleann Mór
- Bay St. Lawrence Bàgh Labhruinn
- Boularderie Island An t-Eilean Mór
- Cain's Mountain Beinn Nan Leòdhasach
- Cape North Ceap Nòr
- Dingwall Inbhir-pheofharain
- Englishtown Baile Nan Gall
- Englishtown Ferry Aiseag Baile Nan Gall
- Estmere Eastaimìr
- French River Abhainn Nam Frangach
- Gillis Point Rubha Nan Giolasach
- Goose Cove Còbh Anndra
- Grass Cove Còbh An Fheòir
- Hazeldale Dail A' Challtaine
- Indian Brook Abhainn A' Chùbair
- Iona Sanndraigh
- Jamesville Baile Sheumais
- Jersey Cove Còbh Dhauphinee
- Little Narrows An Caolas Beag
- Lower Washabuck Uaiseabuc Ìosal
- MacKinnon's Harbour Intreabhal Chloinn'ic Fhionghain
- Middle River An Abhainn Mheadhanach
- Neil's Harbour Acarsaid Nìll
- North Gut An Gut A Tuath
- North River Drochaid Na h-Aibhne Tuath
- North Shore An Cladach A Tuath
- Ottawa Brook An Acarsaid
- Red Point An Rubha Dearg
- Rooster Hill Cnoc A' Choilich
- Skir Dhu Sgeir Dhubh
- South Haven An Acarsaid A Deas
- South Cove An Camus A Deas
- South Gut An Gut A Deas
- St. Ann's Baile Anna
- St. Ann's Bay Bàgh Ban-Naomh Anna
- Tarbot Tairbeart
- Upper Washabuck Uaiseabuc Àrd
- Washabuck Uaiseabuc
- Washabuck Bridge Drochaid Uaiseabuc
- West Tarbot Tairbeart An Iar
- White Point An Rubha Geal
- Wreck Cove Camus Na Luinge Briste
- Castle Bay Bàgh A´ Chaisteil
- Beaver Cove Còbh A´ Bhìobhair
- Benacadie Pon Na Maiseadh
- Benacadie West Pon Na Maiseadh An Iar
- Big Beach An Tràigh Mhór
- Benacadie Glen Gleann Na Maiseadh
- Ben Eoin Beinn Eòin
- Big Pond Am Pon Mór
- Big Pond Centre Teis-Meadhon A´ Phoin Mhóir
- Big Ridge An Druim Mór
- Birch Grove Doire Na Beithe
- Black Brook An t-Allt Dubh
- Blackett´s Lake Loch Bhlackett
- BoisdaleBaghasdal
- Canoe Lake Loch Na Curaich
- Christmas Island Eilean Na Nollaig
- Cooper´s Pond Pon A´ Chùbair
- Dutch Brook Allt An Duidsich
- East Bay Bàgh Na h-Àird´ An Ear
- Edwardsville Baile Ìomhair
- Fortress of Louisbourg Dùn Nam Frangach
- French Road Rathad Nam Frangach
- Frenchvale Baile Nam Frangach
- George´s River Abhainn Sheòrais
- Gillis Lake Loch A´ Ghilliosaich
- Grand Lake Road Rathad An Loch Mhóir
- Grand Mira North A´ Mhira Mhór A Tuath
- Grand Mira South A´ Mhira Mhór A Deas
- Grand Narrows An Caolas Mór
- Irish Cove Camus Nan Éireannach
- Irishvale Baile Nan Éireannach
- Ironville Baile Iarainn
- Islandview Sealladh An Eilein
- Little Pond Am Pon Beag
- Long Island An t-Eilean Fada
- MacAdam´s Lake Loch ´ic Eamoinn
- Marion Bridge Drochaid Mharion
- Middle Cape An Rudha Meadhanach
- Mill Creek Allt A´ Mhuilinn
- Millville Baile A´ Mhuilinn
- Mira Gut Gut Mhira
- Mira Road Rathad Na Mira
- New Victoria Bhioctoria Ùr
- New Waterford Portlairge Ùr
- North Sydney Suidni A Tuath
- North West Arm Muir-Ghobhal Taobh An Iar-thuath
- Northside East Bay Taobh Tuath Bàigh An Iar
- Pipers´ Cove Còbh Nam Pìobairean
- Point Aconi Rudha Aconi
- Point Edward Rudha Ìomhair
- Port Caledonia Port Na h-Albann
- Round Island An t-Eilean Cruinn
- Scotch Lake Loch Nan Gàidheal
- Scotchtown Baile Nan Gàidheal
- Shuncadie (literally "The Harbour") An Acarsaid
- South Bar An t-Òs A Deas
- South Head An Ceann A Deas
- Southside Boularderie Boularderie Taobh A Deas
- St. Andrew´s Channel Caolas Naoimh Anndra
- Sydney Suidni
- Sydney Forks Forcaichean Baile Shuidni
- Sydney Mines Méinnean Baile Shuidni
- Sydney River Abhainn Shuidni
- Tower Road Rathad An Tùir
- Upper North Sydney Bràigh Suidni A Tuath
- Victoria Mines Méinnean Bhioctoria
- Westmount A´ Bheinn An Iar
- Barra Head Ceann Bharraidh
- Dundee Dùn Deagh
- Framboise Àite nan Sùbhagan-Craoibh
- Hay Cove Còbh An Fheòir
- named for the Irish settlers of Irish Cove Camus Nan Éireannach
- Lake Uist Loch Uidhist
- Loch Lomond Loch Laomainn
- Lower River Inhabitants Bràigh Na h-Aibhneadh Denys
- Oban An t-Òban
- Red Islands Na h-Eileanan Dearga
- St. Peter´s Baile Naoimh Pheadair
- Salmon River Abhainn A´ Bhradain
- Soldier´s Cove Còbh An t-Saighdeir
- Stirling Struighlea
ANTIGONISH COUNTY - SIORRAMACHD ANTAIGINIS
GUYSBOROUGH COUNTY - SIORRAMACHD A´ MHAINISDEIR
INVERNESS COUNTY - SIORRAMACHD INBHIR NIS
VICTORIA COUNTY - SIORRAMACHD BHIOCTORIA
CAPE BRETON REGIONAL MUNICIPALITY - ROINN BHEAG IONADAIL CHEAP BREATAINN
RICHMOND COUNTY - SIORRAMACHD RICHMOND
Seanfhacail
Tha àite sònraichte aig seanfhacail ann an cànainean an t-saoghail. Tha seo fìor cuideachd ann an Gàidhlig na h-Albann Nuaidhe. Chìthear 's a' roinn seo seanfhacail-- le mac-samhlaidhean ’s a’ Bheurla—a tha ‘nan riochdairean dhen stòras a th’ aig a’ Ghàidhlig. Tha na seanfhacail a gheobhar a’ seo ri ’m faighinn ann a’ Mìosachan Féis an Eilein 2007 ’s tha iad stéidhichte air Cruinneachadh Sheanfhacal Gàidhlig is abairtean cumanta ann a’ Cruinneachadh Mhic an Tòisich, Dun Éideann 1882, air an deasachadh le Alasdair MacGhilleMhìcheil. Chaidh co-dhearbhadh air mìosachan 2007 a dhèanamh le Goiridh Dòmhnallach is Seumas MacBhatair. Faodar éisdeachd ris gach seanfhacal air na faidhlichean-fhuaime.
Éisd ri mar a théid gach seanfhacal fhuaimneachadh.