A' Ghàidhlig ann an Albainn Nuaidh
Air a’ char as lugha, tha cànain is cultar nan Gàidheal air a bhith ann mar phàirt de dh’ ioma-ghnèitheachd na Móir-roinne bho dheireadh na 18amh linn. Shuidhich Gàidheil á Eileanan an Iar is Gàidhealtachd na h-Albann air tìr-mór na h-Albann Nuaidh a' chinn an ear agus air Eilean Cheap Breatainn agus thòisich iad coimhearsnachdan ann. Anns na bliadhnaichean tràtha sin, chaidh a' Ghàidhlig a thoirt bho ghinealach gu ginealach troimh stéidheachadh an taigh chéilidh. B' ann an seo a bha naidheachdan na sgìre, òrain, sgeulachdan, ceòl agus dannsa air an sgaoileadh. Le atharrachaidhean móra sòiseo-eaconomach aig deireadh na 19amh linn agus rè na 20amh linn, thàinig crìoch air dòighean beatha a’ cho-chomainn seo a bha air taic a thoirt do sgaoileadh na cànain agus an dualchais bho ghlùin gu glùin. Ann an ionadan na Móir-roinne, cha robh cànain nan Gàidheal air a comharrachadh ann an dòighean nitheil no brìgheil a bha feumach do choimhearsnachdan Gàidhlig. Mar sin, thàinig mór-atharrachadh air a’ chànain agus crìonadh air a’ chultar.
O chionn tràth ’s na 1920an, tha luchd-labhairt na Gàidhlig thar na Móir-roinne air a bhith a’ tagradh air a’ riaghaltas gus taic is aithneachadh oifigeil ‘fhaighinn; ‘s le sin, gum biodh cànain ’s cultar nan Gàidheal air an gléidheadh ’s an leasachadh mar phàirt de dh’ ioma-ghnèitheachd na Móir-roinne. Bho ’n àm sin, tha iomadh neach air a bhith an sàs anns an oidhirp sin. Ann an 1997, thionnsgain Roinn an Fhoghlaim a’ chiad Clàr-oideachaidh Eòlas na Gàidhlig a bh’ ann a-riamh do ìrean na h-àird-sgoile. A s t-earrach 2002, chaidh an aithisg Gàidhlig ann an Albainn Nuaidh : Rannsachadh Eaconomach, Cultarail agus Sòisealta a thaisbeanadh mar aithisg-ghléidhte le Taigh-tasgaidh na h-Albann Nuaidhe. ‘S an t-Samhain ’s an Dùbhlachd 2002, chaidh deich coinneamhan co-chomhairle nan coimhearsnachdan a chumail air feadh na Móir-roinne. Thugadh an aire dha na bha buill na coimhearsnachd a’ measadh cudthromach do leasachadh ’s do shoirbheachadh na Gàidhlig ann an Albainn Nuaidh. ‘S e a’ bhuil a thàinig ás nan coinneamhan sin gun deach pàipear roi-innleachd, Leasachadh agus Gléidheadh na Gàidhlig ann an Albainn Nuaidh, a dheasachadh; agus chaidh a réiteachadh mar phàirt de phlana-obrach Comhairle na Gàidhlig.
Ann an 2002, fo sgéith Roinn na Turasachd, a’ Chultair ’s an Dualchais, chuir a’ Mhór-roinn a làmh ri Meórachan-còrdaidh còmhla ri Comhairle na Gàidhealtachd. Ann an 2004, chaidh dreuchd Oifigear a’ Chultair a chur air bhonn, suidhichte ann an Ceap Breatainn. Cuideachd, ann an 2004, chuir a’ Mhór-roinn roimhpe maoin Prógram Gnìomhan na Gàidhlig a stéidheachadh an aon ghnothach gnìomhachais a bhuineadh dhan Ghàidhlig a chur air dòigh. Anns a’ Ghearran 2006, chaidh Ministreachd Iomairtean na Gàidhlig a chur air bhonn. Anns an Ògmhios 2006, chaidh poileasaidh comharraidhean-crìche dà-chànanach a leasachadh ’s a chur air dòigh le Roinn na Còmhdhalach is Obraichean Poblach dha na sgìrean Gàidhlig dualchasach ’s a’ Mhóir-roinn. Anns an Dùbhlachd 2006, chaidh fhoillseachadh gu h-oifigeil gu robh Oifis Iomairtean na Gàidhlig air a stéidheachadh.
A chionn ’s nach deach cunntas foirmeil a dhèanadh a-riamh ann an coimhearsnachdan na Gàidhlig gu sònraichte, tha e doirbh àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig a thomhas le cinnt ’s a’ Mhóir-roinn air fad. Tha tuairmsean ás a’ choimhearsnachd a’ comharrachadh gu bheil mu thimcheall 2000 luchd-labhairt na Gàidhlig ann. Aig an aon àm ’s gu bheil àireamh an luchd-labhairt a’ sealltainn gu bheil a’ chànain ann a’ suidheachadh cugallach, tha 227,000 de dhaoine ann an Albainn Nuaidh ag agairt gur unnta sìol nan tùsanach Gàidhlig; agus ’s e àireamh móran nas motha na sin a bhios a’ gabhail pàirt ann a’ gnìomhan cultarail a bhuineas dhan a’ Ghàidhlig, mar cheòl, òrain agus dhannsa. Tha am pàipear-rannsachaidh Gàidhlig an Albainn Nuaidh a’ dèanadh ceangal eadar a’ Ghàidhlig is gnìomhachas, gnìomhan agus tachartasan an dàimh ris a’ Ghàidhlig agus eaconomaidh fiach $23 millean.
Tha 28 comainn, buidhnean, is ionadan an dàimh ris a' Ghàidhlig ann an Albainn Nuaidh. Tha ionnsachadh na Gàidhlig air a thairgsinn ann an naoi sgoiltean ‘s a’ Mhóir-roinn aig ìrean eadar-dhealaichte. Tha Eòlas na Gàidhlig air a thairgsinn ann an 15 sgoiltean agus tha an àireamh sin a’ fàs. Tha 11 coimhearsnachd ann air feadh na Móir-roinne far a bheil prógraman bogaidh làidir do dh’ inbhich a’ ruith ’s a’ cumail air adhart.
‘S ann mar fhreagairt do thionnsgnadh na coimhearsnachd agus ag aithneachadh mar a tha co-thabhartasan a bhuineas do chultar is do chànain nan Gàidheal luachmhor do bheatha na Móir-roinne, a chaidh Oifis Iomairtean na Gàidhlig a chur air bhonn. Obraichidh an Oifis :
- gus cuideachadh a thoirt do mheudachadh aire agus tuigse a thaobh na Gàidhlig am measg muinntir na h-Albann Nuaidh agus luchd-tadhail
- gus tagradh a dhèanadh is taic a thoirt air sgàth ’s gu ruig coimhearsnachd na Gàidhlig tha làn-chomasachd ann an co-chomann ioma-ghnèitheach, ioma-chànanach, agus mothachail do chultaran eadar-dhealaichte eile.