M' ar déidhinn
Éisdibh ris an duilleig seo
Aithris-rùin
‘S e Aithris-rùin Oifis Iomairtean na Gàidhlig a bhith ag obair còmhla ri muinntir na h-Albann Nuaidh air cànain is dualchas na Gàidhlig ’ùrachadh anns a’ Mhóir-roinn.
An Oifis
B’ e là eachdraidheil a bh’ anns an t-7amh là dhen Dùbhlachd, 2006 do chànain agus do dhualchas nan Gàidheal ann am Móir-roinn na h-Albann Nuaidhe. Chuir Riaghaltas na Móir-roinn an céill gun deach Oifis Iomairtean na Gàidhlig (OIG) a chur air bhonn.
‘S e an sealladh a th’ aig OIG air Albainn Nuaidh gur innte àit’ a bhios ag aideachadh gu bheil a’ Ghàidhlig beò ’nar measg; gu bheil i luachmhor agus airidh air taic; gu bheil i ’na cànain ghnàthaich le dualchas a bhios a’ cur ris na dualchais ioma-ghneitheach, bheòthail eile ’s a’ Mhóir-roinn; agus gun gabh i a pàirt fhéin ann a fàs agus leasachadh na Móir-roinne.
Nì OIG co-obrachadh le muinntir na h-Albann Nuaidhe gus cànain agus dualchas nan Gàidheal ’ùrachadh ’s a’ Mhóir-roinn.
Bidh OIG a’ toirt fo chùram aobharrach-fhoghlaim agus-fhiosrachaidh a leasachadh gus meas agus tuigse air cànain agus dualchas Gàidhlig na h-Albann Nuaidh a mheudachadh.
Togaidh OIG ceangail ris an Riaghaltas, a-mach á oifis no a-staigh; ris a’ choimhearsnachd; agus ri comh-phàirtichean ionadail is eadar-nàiseanta; gus cànain, dualchas, agus eaconomachd coimhearsnachd na Gàidhlig a leasachadh.
Nì OIG na leanas:
- Cuideachadh agus taic a thoirt do dh’ iomairtean agus phròiseactan ’s a’ choimhearsnachd
- Còmhradh ’fhosgladh eadar an Riaghaltas, a’ Choimhearsnachd agus Comh-phàirtichean ionadail is eadarnàiseanta air cùisean cudthromach do leasachadh na Gàidhlig
- Leasachadh ann a’ seirbhisean ’s prógraman air a bheil feum ’s a’ choimhearsnachd a thagairt
- Luach na Gàidhlig a bhrosnachadh còmhla ris a’ phàirt a tha i a’ gabhail ann an ioma-ghnèitheachd na Móir-roinne
Oifis Iomairtean na Gàidhlig
1-888-U-GAELIC
gaelicinfo@gov.ns.ca
fiosgaidhlig@gov.ns.ca